Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 03

An Urrainn Dhut Earbsa Fhaighinn Anns a’ Bhìoball?

An Urrainn Dhut Earbsa Fhaighinn Anns a’ Bhìoball?

Tha iomadh geallaidhean anns a’ Bhìoball agus tha e a’ toirt mòran comhairle dhuinn. Is dòcha gun saoilidh tu, dè tha Am Bìoball a’ teagasg? Ach, tha thu airson a bhith faiceallach. Am bu chòir earbsa a bhith agad ann an leabhar cho aosta no creidsinn dè tha Am Bìoball ag ràdh mu dheidhinn beatha a mealadh an-dràsta agus san àm ri teachd? Tha milleanan de dhaoine a’ creidsinn sin. Tugainn agus dèan sgrùdadh dhut fhèin.

1. A bheil na sgeulachdan a leughas sinn anns a’ Bhìoball fìor?

Tha am Bìoball ag ràdh gu bheil e làn “briathran na fìrinn.” (Eclesiastes 12:10) Tha e ag innse dhuinn mu tachartasan fìor agus daoine fìor. (Leugh Lùcas 1:3; 3:​1, 2.) Tha mòran luchd-eachdraidh agus àrc-eòlaichean air a dearbhadh gu bheil cinn-là cudromach, daoine, àitichean agus tachartasan anns a’ Bhìoball ceart.

2. Ciamar as urrainn sinn ag ràdh nach eil Am Bìoball seann-fhasanta?

Ann an iomadh dòigh tha sinn air faicinn gu bheil Am Bìoball adhartach, mar eisimpleir nuair a bha e a’ bruidhinn mu chuspairean saidheans. Nuair a bha Am Bìoball air a sgrìobhadh bha cuspairean mar seo gu math connspaideach. Ach an latha an-diugh tha saidheans a’ dearbhadh gu bheil Am Bìoball ceart, tha e “Seasmhach. . .gu saoghal nan saoghal.”Salm 111:8.

3. Carson am faod earbs’ a bhith againn mu na rudan tha Am Bìoball ag radh mun àm ri teachd?

Tha fàidheadarachdan a anns a’ Bhìoball a’ ro-innseadh “nan nithean nach eil fhathast dèante” (Isaiah 46:10.) Ro-dh’innis Am Bìoball tòrr tachartasan eachdraidheil fada mus do thachair iad gu ceart. Tha e ag innse dhuinn mun suidheachaidhean an latha an-diugh le mion-fhiosrachadh cuideachd. Anns an leasan seo sgrùdaidh sinn feadhainn de na fàidheadarachdan a’ Bhìobaill agus tha iad mìorbhaileach fìor!

IONNSAICH TUILLEADH

Sgrùd ciamar a tha saidheans nuadh ag aontachadh leis a’ Bhìoball agus fàidheadarachdan a tha iongantach dha-rìribh.

4. Tha saidheans ag aontachadh leis a’ Bhìoball

Anns na làithean a dh’fhalbh, bha daoine a smaoineachadh gun robh an talamh na laighe air mullach rudeigin. Cluich am BHIDIO.

Seall na bha air clàradh san leabhar Iob mu 3,500 bliadhna a chaidh. Leugh Iob 26:​7, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas:

  • Carson a tha an aithris gu bheil an talamh a “crochadh air neoni” cho iongantach?

Thòisich daoine an cearcall uisge a thuigsinn mu timcheall air 200 bliadhna air ais. Ach, seall dè thuirt Am Bìoball mìltean de bhliadhnaichean roimhe sin. Leugh Iob 36:​27, 28, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas:

  • Carson a tha an iomradh mun cearcall uisge cho sònraichte?

  • A bheil an earbs’ agad a’ fàs nas làidire air sgath’s na sgriobtaran a leugh thu an-dràsta?

5. Ro-dh’innis Am Bìoball tachartasan cudromach

Leugh Isaiah 44:27–​45:​2, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè am fiosrachadh a ro-dh’innis Am Bìoball mu an tuiteam Bàbiloin 200 bliadhna mus do thachair e?

Tha eachdraidh a’ dearbhadh gun do ceannsaich Cìrus an Rìgh de Peirse am baile mòr Bàbilon ann an 539 R.C. b Thiormaich iad an abhainn a bha mu thimcheall am baile. Às dèidh chaidh iad a-steach tron geataichean fosgailte, ceannsaich iad am baile gun bhatail. An-diugh, còrr is 2,500 bliadhnaichean às a dhèidh, tha Bàbilon fhathast sgrìosta. Seall dè thuirt Am Bìoball.

Leugh Isaiah 13:​19,20, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar a bha an fàidheadarachd seo air coileanadh?

Tobhtaichean Bàbiloin na sgrios ann an Ioràc an latha an-diugh

6. Ro-dh’innis Am Bìoball cùisean a tha sinn a’ faicinn san latha an-diugh

Tha Am Bìoball ag innse dhuinn gu bheil sinn beò anns na “làithean deireannach” (2 Timòteus 3:1) Seall dè ro-dh’innis Am Bìoball mu na làithean deireannach.

Leugh Mata 24:​6, 7, agus bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè thuirt Am Bìoball mu na suidheachaidhean anns na làithean deireannach?

Leugh 2 Timòteus 3:​1-5, agus bruidhinn mu na ceistean a leanas:

  • Dè thuirt Am Bìoball mun dòigh-ghiùlain aig daoine anns na làithean deireannach?

  • An do thachair thu ri dòigh-ghiùlain mar seo?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha Am Bìoball làn de seann sgeulachdan”

  • Nad bheachd-sa, dè tha am fianais as fheàrr gu bheil Am Bìoball earbsach?

GEÀRR-IOMRADH

Tha eachdraidh, saidheans agus fàidheadarachd a’ sealltainn gun urrainn sinn ar earbsa a chur sa Bhìoball.

Ath-sgrùdadh

  • A bheil Am Bìoball leabhar fìor no leabhar ficsean?

  • Ciamar a tha Am Bìoball ag aontachadh le saidheans?

  • A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil Am Bìoball ag innse dè tha dol a’ tachairt san àm ri teachd? Carson, no carson nach eil?

Amas

RANNSAICH

A bheil mearachdan saidheantach anns a’ Bhìoball?

“Does Science Agree With the Bible?” (Artaigil-lìn)

Dè an fhìrinn mu na “làithean deireannach?”

“6 Bible Prophecies You Are Seeing Fulfilled” (The Watchtower, May 1, 2011)

Ionnsaich ciamar a tha fàidheadarachdan a’ Bhìobaill mun Impireachd Ghreugach air an coileanadh.

Fortified by “the Prophetic Word” 5:​22

Faigh a-mach ciamar a dh’atharraich dùil aig aon duine mun a’ Bhìoball air sgàth nan fàidheadarachdan a leugh e.

“For Me, God Did Not Exist” (The Watchtower No. 5 2017)

a Tha fàidheadarachdan teachdaireachd bho Dhia mu tachartasan san àm ri teachd.

b Tha R.C. a’ ciallachadh “Ro Chrìosta” agus A.C. “As-dèidh Chrìosta”