Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 02

Tha am Bìoball a’ Gealladh Dòchais

Tha am Bìoball a’ Gealladh Dòchais

Bidh daoine air feadh an t-saoghail a’ dèiligeadh le trioblaidean a tha cur bròn, iomagan agus fiù ’s pian orra. An robh thu a-riamh a’ faireachdainn mar seo? Is dòcha gu bheil thu a’ fulang le tinneas no chaochail cuideigin faisg ort. Saoilidh tu ge-tà, ‘Am fàs mo bheatha nas fheàrr?’ Tha Am Bìoball a’ cuir seachad freagairt earbsach.

1. Ciamar a tha Am Bìoball a’ toirt Dòchais dhuinn?

Chan eil Am Bìoball a’ mìneachadh carson a tha an saoghal làn trioblaidean a-mhàin, ach cuideachd a sealltainn naidheachd mhath gum bi na duilgheadasan air ar cùlaibh a dh’aithgheàrr. Tha geallaidhean a’ Bhìobaill “a toirt dhuibh sliochd agus dòchais.” (Leugh Ieremiah 29:​11, 12.) Faodaidh na geallaidhean gar cuideachadh a seasamh le misneachd an aghaidh dùbhlain airson ’s gum bi sinn toilichte gu sìorraidh.

2. Dè seòrsa àm ri teachd a tha Am Bìoball a’ dealbhadh?

Tha Am Bìoball a’ dealbhadh àm ri teachd nuair “cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò.” (Taisbeanadh 21:4.) Cha bhi trioblaidean uamhasach an latha an-diugh ann tuilleadh mar bochdanas, mì-ceartas, tinneas agus bàs. Tha Am Bìoball a’ gealladh gun meallaidh mac an duine beatha gu bràth ann am Pàrras talmhainn.

3. Ciamar as urrainn dhut a bhith cinnteach gu bheil geallaidhean a’ Bhìobaill fìor?

Tha dòchas aig a mhòr chuid de dhaoine gum bi rudan matha a’ tachairt, ach chan urrainn dhaibh a bhith cinnteach mu seo. Tha na geallaidhean a’ Bhìobaill diofaraichte. Faodaidh sinn ar earbsa a dearbhadh le “rannsachadh nan Sgriobtar gach latha” (Gnìomhan 17:11) Nuair a sgrùdas tu a’ Bhìoball, ’s urrainn dhut a taghadh airson dhut fhèin ma chreideas thu na tha Am Bìoball ag ràdh mun àm ri teachd.

IONNSAICH TUILLEADH

Smaoinich mu fheadhainn de na rudan a tha Am Bìoball a’ gealladh mun àm ri teachd agus faic ciamar a tha an dòchas a’ Bhìobaill a’ cuideachadh dhaoine san latha an-diugh.

4. Tha Am Bìoball a’ gealladh gum faod sinn a bhith beò gu sìorraidh gun trioblaidean

Seall air na geallaidhean a leanas bhon a’ Bhìoball. Dè na geallaidhean as fheàrr leat? Carson?

Leugh na Sgriobtaran còmhla ri na geallaidhean, agus smaoinich mu na ceistean seo:

  • A bheil thu a’ faireachdainn gun urrainn na sgriobtaran dòchas a’ thoirt dhut? An urrainn dhaibh dòchas a’ thoirt dhan teaghlach is caraidean agad cuideachd?

Saoil mu dheidhinn saoghail far

NACH BI DAOINE A’ FULANG LE . . .

BIDH A H-UILE DUINE . . .

  • a’ mealladh beatha slàinte agus làithean na h-òige.—Iob 33:25.

  • smuaintean duilich no droch chuimhneachadh—Isaiah 65:17.

  • a’ faighinn beatha sona gu bràth.—Salm 37:29.

5. Faodaidh dòchas a’ Bhìobaill diofar mòr a dhèanamh

Tha tòrr dhaoine air misneachd a chall no fiù’s fiadhaich nuair a chì iad trioblaidean timcheall orra. Bidh iad a’ feuchainn gu cruaidh atharrachadh a dhèanamh. Faic ciamar a tha geallaidhean a’ Bhìobaill mu seo a’ cuideachadh daoine an-dràsta. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Anns a’ Bhidio, Dè seòrsa mì-cheartas a bha a chuir dragh air Rafika?

  • Ged nach deach an mì-cheartas air falbh, ciamar a chuidich Am Bìoball i?

Nuair a tha creidsinn againn anns na geallaidhean a’ Bhìobaill mun àm ri teachd faodaidh sinn a ceannsachadh mì-mhisneachd agus a dèiligeadh ri na trioblaidean againn. Leugh Gnàth-Fhacal 17:22 agus Ròmanaich 12:​12, agus bruidhinn mu na ceistean seo:

  • A bheil thusa a smaoineachadh gum bi do bheatha nas fheàrr an-dràsta ma chreideas tu geallaidhean a’ Bhìobaill mun àm ri teachd? Carson?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha na geallaidhean a’ Bhìobaill ro mhath airson a bhith fìor.”

  • Carson a tha e cudromach am fianais a’ sgrùdadh?

GEÀRR-IOMRADH

Tha tòrr geallaidhean anns a’ Bhìoball mu àm ri teachd toilichte. Tha seo a’ toirt dhuinn dòchais agus a’ dèanamh ar beatha nas fheàrr an-dràsta.

Ath-sgrùdadh

  • Carson a tha feum againn air dòchas?

  • Dè tha Am Bìoball ag ràdh mun àm ri teachd?

  • Ciamar ’s urrainn dòchas mun àm ri teachd gad chuideachadh an-dràsta?

Amas

RANNSAICH

Ionnsaich tuilleadh mu dheidhinn cumhachd dòchais.

“Hope—Where Can You Find It?” (Awake!, April 22, 2004)

Lorg a-mach ciamar as urrainn dòchas a’ cuideachadh iad a tha fulang le tinneas gun deireadh.

“Living With Chronic Illness—Can the Bible Help?”(Artaigil-lìn)

Nuair a choimheadas tu am bhidio ciùil seo, dealbhaich thu fhèin agus do theaghlach a mealladh beatha ann am Pàrras talmhainn mar a gheall Am Bìoball.

Imagine the Time 3:​37

Leugh mu ciamar a dh’atharraich beatha neach-dèanadais sòisealta nuair a dh’ionnsaich e mun dòchas a’ Bhìobaill airson an àm ri teachd.

“I No Longer Feel That I Have to Change the World” (The Watchtower, July 1, 2013)