Skip to content

Skip to table of contents

Iomagaineachd aig Fir—Ciamar as Urrainn Am Bìoball gad Chuideachadh?

Iomagaineachd aig Fir—Ciamar as Urrainn Am Bìoball gad Chuideachadh?

 Nuair a tha thu a’ smaoineachadh mu dheidhinn cuideigin a tha dèiligeadh le iomagan, a is dòcha gum bi thu a’ dealbhadh dhaoine a tha fo eagal, cuideigin nach urrainn ag èirigh a-mach as a leabaidh sa mhadainn, no cuideigin a tha an còmhnaidh bruidhinn mu chuid de na trioblaidean a th’ aca.

 Bidh feadhainn a’ dèiligeadh mar seo nuair a tha iad iomaganach. Ach, tha luchd-rannsachaidh air a lorg gu bheil feadhainn eile—gu h-àraid fir—a’ dèiligeadh ann an dòigh eadar-dhealaichte. Tha aon aithris ag ràdh gu bheil e “nas cumanta airson fir a bhith a cleachdadh na deoch no drogaichean airson a bhith dèiligeadh le iomagan. Air sgàth sin tha e a’ coimhead gu bheil iad trom air an deoch, ach is dòcha tha iad a’ fulang le iomagaineachd làidir. Uaireannan ’s urrainn an iomagaineachd ann an fir fiù’s a tighinn a-mach mar fearg.”

 Ge-tà, chan eil a h-uile duine a’ dèiligeadh san aon dhòigh. Ach, a dh’aindeoin ciamar a dèiligeas duine sam bith le iomagaineachd, tha an duilgheadas seo a’ fàs nas miosa anns na “amannan duilich sna làithean deireannach” seo. (2 Timòteus 3:1) Ma tha thusa a’ dèiligeadh le iomagaineachd, an urrainn Am Bìoball gad chuideachadh?

Comhairle Phragtaigeach Bhon a’ Bhìoball Airson Dèiligeadh le Iomagaineachd

 Tha Am Bìoball làn stiùiridh as urrainn a thoirt dhuinn cuideachadh nuair a tha sinn iomaganach. Smaoinich mu na h-eisimpleirean seo.

  1.  1. “Mar sin na biodh cùram oirbh mun latha màireach, oir bidh cùram air an latha màireach air a shon fhèin. Tha olc gach aon latha gu leòr dha fhèin.”—Mata 6:34.

     A’ Ciallachadh: Bidh sinn glic mura h-eil sinn a’ smaoineachadh cus mu rudan a thachras (no nach thachras) san àm ri teachd. Gu math tric chan eil rudan a’ tionndadh a-mach san dòigh a smaoinich sinn. Ach uaireannan, bidh rudan ag atharrachadh ann an dòigh as fhèarr.

     Feuch Seo: Smaoinich mu na làithean a dh’fhalbh nuair a bha thu cinnteach gun robh rudan dona a’ dol a thachairt—ach cha do thachair iad. An uair sin smaoinich mu na cùraim a th’ agad an-dràsta agus bidh pragtaigeach leotha ’s dòcha chan eil iad cho mhòr is a tha thu a’ smaoineachadh.

  2.  2. “Geuraichear iarann air iarann, agus geuraichidh duine gnùis a charaid.”—Gnàth-Fhacal 27:17.

     A’ Ciallachadh: ’S urrainn daoine gar cuideachadh leis na h-iomagain againn. ’S dòcha gun urrainn iad a’ thoirt dhuinn comhairle pragtaigeach a dh’ionnsaich iad sam beatha aca fhèin. Cuideachd, faodaidh iad gad chuideachadh a coimhead air an suidheachadh bho sealladh eile.

     Feuch Seo: Smaoinich mu chuideigin aig a bheil deagh chomhairle, ’s docha gur e caraid a th’ ann aig an robh an aon trioblaid. Faighnich dè dh’obraich dhasan.

  3.  3. “A’ tilgeil ur cùram uile airsan, oir tha cùram aige dhuibh.”—1 Peadar 5:7.

     A’ Ciallachadh: Tha cùram aig Dia airson iad a tha a’ fulang. Tha e a’ toirt cuireadh dhuinn a’ dèanamh ùrnaigh dha agus faodaidh sinn a dèanamh ùrnaigh mu rud sam bith a tha air ar inntinn.

     Feuch Seo: Dèan liosta mu rud sam bith a tha a’ cur dragh ort agus an uairsin dèan ùrnaigh ri Dia mu na rudan sin. Innis dha mu gach trioblaid no duilgheadas agus faighnich airson cuideachadh a dèiligeadh ris.

Àm Nach Bi Iomagaineachd ann Tuilleadh

 Tha barrachd comhairle aig a’ Bhìoball airson iad a tha dèiligeadh le iomagaineachd. Tha e a’ gealladh mu àm nuair nach bi dragh oirnn gu bràth tuilleadh. Ciamar a thachras seo?

 Tha an Rìoghachd Dhè a’ dol a chur às na rudan a tha an adhbhar airson an iomagaineachd (Taisbeanadh 21:4) Gu dearbh, fo riaghladh Rìoghachd Dhè cha bhi pian againn bho chuimhne no cùram mar seo fhathast.—Isaiah 65:17.

 Seo an t-àm ri teachd a tha “an Dia na sìthe” ag iarraidh airson thusa. (Ròmanaich 16:20) Gheall e: “Is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, . . . smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais.”—Ieremiah 29:11

a Anns an artaigil seo, chan eil am facal “iomagaineachd” a’ ciallachadh trioblaid meadaigeach, ach cudrom inntinn is cùram, no eagal a tha sinn a’ faireachdainn gach latha. Faodaidh iad a tha dèiligeadh le trioblaid meadaigeach a dol dhan dotair airson cuideachas proifeiseanta.—Lùcas 5:31.