Skip to content

Skip to table of contents

Ciamar a Dèiligeas mi ri Aonarachd?

Ciamar a Dèiligeas mi ri Aonarachd?

 A bheil thu leat fhèin agus a’ faireachdainn aonaranachd? Ma-thà, ’s dòcha gu bheil thu a’ faireachdainn mar sgrìobhadair na Sailm, nuair a thuirt e: “Tha mi mar eun na aonar air mullach taighe.” (Sailm 102:7) Faodaidh gliocas bhon a’ Bhìoball gad chuideachadh a’ dèiligeadh le trioblaidean a tha tighinn bho aonaranachd.

 Fàs Dlùth ri Dia

 Fiù’s nuair a tha thu nad aonar, faodaidh tu toilicheas fhaighinn nuair a mhothaich thu gu bheil feum spioradail agad agus gad lìonadh. (Mata 5:3, 6) ’S urrainn na goireasan saor an-asgaidh seo gad chuideachadh.

  •   Bìoball air loidhne a tha furasta ri leughadh

  •   Prògram Sgrùdaidh a’ Bhìobaill air loidhne a tha freagairt feadhainn de na ceistean mòra nam beatha seo.

  •   Bhidioan goirid mu teagaisgean bunaiteach a’ Bhìobaill

  •   Tha “Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt” a’ toirt freagairtean dìreach do cheistean cumanta

  •  Imitate Their Faith”— Tha an sreath seo gad chuideachadh a’ dealbhadh tachartasan mar a bha iad anns am beatha aig fir agus boireannaich sna làithean a’ Bhìobaill

  •   Was It Designed?”— Tha an sreath seo a’ soillearachadh cho bòidhche is cho ioma-fhillteach ’s a tha an saoghal nàdarra

 Leugh rannan cofhurtachaidh bhon a’ Bhìobaill

 Tha na sgriobtaran seo air cuideachadh iomadh duine cofhurt a lorg. Nuair a tha thu nad aonar, bidh e nas fhèarr dhut meòrachadh air gach earrann agus ùrnaigh a dhèanamh air, na leughadh a h-uile càil aig an aon àm.—Marcas 1:35.

 Ionnsaich carson a tha droch-rudan a’ tachairt

 Faodaidh tu dèiligeadh le trioblaidean nuair a tha fios agad carson a tha droch-rudan a’ tachairt agus dè nì Dia ma deidhinn.—Isaiah 65:17.

 Seachnaich iomagaineachd gun fheum

 Cuidichidh na h-artaigilean a leanas thu a dèiligeadh le chudrom inntinn air sgàth ‘s aonaranachd agus “na bithibh fo chùram.”— Mata 6:25

 Cuir seachad ùine airson càirdeas

 Gheibh thu beannachdan air d’inntinn agus faireachdainnean le caraidean; tha iad dìreach as cudromaiche nuair nach urrainn dhut a coinneachadh gu pearsanta. Ma tha thu aig an taigh na h-aonar, ’s dòcha gum bi thu a’ cleachdadh co-labhairt bhidio no am fòn airson a bruidhinn ri do charaidean no a togail caraidean ùra. ’S urrainn a na h-artaigilean a leanas gad chuideachadh a lorg fìor-charaid agus bhith na fìor-charaid thu fhèin.—Gnàth-Fhacal 17:17.

 Dèan eacarsaich fiosaigeach

 Tha Am Bìoball ag aontachadh gu bheil eacarsaich feumail. (1 Timòteus 4:8) Faodaidh e gad chuideachadh le slàint’ inntinn, gu h-àraid nuair a tha thu a’ dèiligeadh le aonaranachd. Fiù’s nach urrainn dhut an taigh fhàgail, bidh rudan ann as urrainn dhut a dhèanamh airson a cumail trang.