Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 2

Dia—Cò e?

Dia—Cò e?

1. Dè an adhbhar airson adhradh a dhèanamh do Dhia?

Tha an t-aon Dia fìor na Chruithear a h-uile sìon. Cha robh toiseach aige agus cha bhith deireadh aige idir. (Salm 90:2) Thàinig an deagh-naidheachd a tha sinn a’ lorg anns a’ Bhìoball bho Dhia fhèin. (1 Timòteus 1:11) Thug e dhuinn ar beatha; air sgàth seo bu chòir dhuinn adhradh a dhèanamh do Dhia a-mhàin.—Leugh Taisbeanadh 4:11.

2. Dè tha am Bìoball ag innse dhuinn mu Dhia?

Chan fhaca neach sam bith Dia a-riamh air sgath ’s gur e spiorad a th’ ann. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil e an Tì a tha nas àirde na a h-uile creutair air an talamh. (Eòin 1:18; 4:24) Ach, faodaidh sinn ag aithneachadh dè seòrsa pearsa a tha Dia bhon na rudan a chruthaich e. Tha an t-iomadh measan agus flùraichean ag innse mun gràdh is gliocas aige agus cho mòr ’s a tha an domhan a’ sealltainn dhuinn an cumhachd aige.—Leugh Ròmanaich 1:20.

Nuair a tha sinn a’ leughadh a’ Bhìobaill, bidh sinn ag ionnsachadh tuilleadh mun pearsantachd Dhè a leithid rudan is toil leis agus cha toil leis, ciamar a tha e a’ dèiligeadh ri mac an duine agus diofar suidheachaidhean.—Leugh Salm 103:7-10.

3. A bheil ainm aig Dia?

Thuirt Ìosa: “Ar n-Athair ann an nèamh, gum biodh d’ ainm air a naomhachadh.” (Mata 6:9) Ged a tha iomadh tiotalan aig Dia, tha dìreach aon ainm. Anns a’ h-uile cànan tha e eadar-dhealaichte. Anns a’ Ghàidhlig ’s e Iehòbha a th’ ann.—Leugh Salm 83:18.

Chaidh an t-ainm aig Dia a thoirt a-mach à iomadh Bìoball agus chaidh tiotalan mar Tighearna no Dia a cuir a-steach an àite. Ach nuair a bha Am Bìoball air sgrìobhadh, bha an t-ainm aig Dia ann mu 7,000 tursan. Dh’fhoillsich Ìosa an t-ainm aig Dia nuair a theagaisg e daoine mu Dhia.—Leugh Eòin 17:26.

Seall air a’ bhideo A Bheil Ainm aig Dia?

4. A bheil Cùram aig Iehòbha dhuinn?

Mar athair gràdhach, tha Dia a’ dèanamh rudan math air ar son

A bheil am fulang fad is farsaing a’ ciallachadh nach eil cùram aig Iehòbha dhuinn? Bidh feadhainn ag ràdh gur e Dia a tha buaireadh dhuinn leis am fulang seo, ach, chan eil seo fìor.—Leugh Sheumais 1:13.

Thug Dia dhuinn saor-thoil le urram. Nach eil sinn taingeil gun dh’fhaodadh sinn seirbheis a dhèanamh do Dhia saor-thoileach? (Iosua 24:15) Ach tha a’ mhòr chuid de dhaoine a’ taghadh droch rudan a dhèanamh ri càch. Air sgàth sin tha tòrr fulang ann. Bidh Iehòbha brònach nuair a chì e mì-cheartas den seòrsa seo.—Leugh Genesis 6:5, 6.

Tha cùram aig Iehòbha dhuinn gun teagamh. Tha e ag iarraidh gum bi sinn toilichte anns a’ bheatha againn. A dh’aithghearr cuiridh e às fulang agus an fheadhainn a rinn e. Anns an eadar-àm, tha adhbhar math aige airson leigeil fulangas a’ tachairt airson ùine goirid. Ionnsaichidh sinn ann an leasan 8 dè tha an adhbhar sin.—Leugh 2 Peadar 2:9; 3:7, 13.

5. Ciamar a dh’ fhàsas sinn faisg ri Dia?

Tha Iehòbha a’ toirt cuireadh dhuinn a dèanamh ùrnaigh gum fàsaidh sinn dlùth ris. Tha ùidh aige anns gach duine fa leth.(Salm 65:2; 145:19) Tha e deònach mathanas a’ thoirt dhuinn. Chì e nuair a tha sinn a’ feuchainn an rud ceart a’ dhèanamh, fiù’s nuair a tha sinn a fàilligeadh uaireannan. Mar sin, a’ dh’aindeoin na neo-iomlanachd againn, faodaidh sinn càirdeas fìor bhlàth fhaighinn le Dia.—Leugh Salm 103:12-14; Sheumais 4:8.

Air sgàth’s gun do thug Iehòbha dhuinn ar beatha, bu chòir dhuinn gràdh a thoirt dha, barrachd na gràdh air duine eile. (Marcus 12:30) Nuair a nochdas thu do ghràdh airson Dia le ionnsachadh tuilleadh ma dheidhinn agus a dèanamh a h-uile càil a dh’iàrr e oirnn, fàsaidh thu nas fhaisge air.—Leugh 1 Timòteus 2:4; 1 Eòin 5:3.